Latha fosglaidh na Pàrlamaid – beachd bho Iain Macleòid


Iain Macleòid

Iain Macleòid

Anns an teachdaireachd seo, tha Iain Macleòid ag innse dhuinn mar a chaidh dha aig Fosgladh oifigeil na Pàrlamaid air Dihaoine 1 Iuchair.

Moch-eirigh!  Feumar a bhith aig a’ Phàrlamaid gu math tràth.  Fhuair mi rabhadh anns an litir mura biodh sinn a-staigh san togalach ro 9.00m nach fhaigheadh sinn a-steach!  Mo chreach!  ‘S e latha fada a bha gu bhith an seo.  Bha cho math a bhith sgeadaichte airson an latha mòr seo. Faileas m’aghaidh ri fhaicinn às na brògan – an deise fhèillidh as fheàrr a th’agam – cuimhnich air a’ chairt-fiathachaidh agus mo chead-siubhail le mo dhealbh – agus mo bhean còmhla rium airson dèanamh cinnteach nach dì-chuimhnichinn dad cudromach!  Chan fhaigheadh sinn faisg air an togalach le càr.  Mar sin ghabh sinn tacsaidh gu Rathad Thaigh an Ròid agus choisich sinn às an sin.  Poileis agus oifigearan-tèarainteachd gu leòr mun cuairt.  Chaidh ar stad ceithir tursan airson ar ID fhaicinn eadhon mus do ràinig sinn an doras a-steach.  

Às dèidh dhomh leth uair a-thìde a chaitheamh aig an taigh gam sgeadachadh fhìn, thàinig orm leth m’èideadh Gàidhealach a thoirt dhìom mus fhaighinn tro na h-innealan sgrùdaidh aig an doras!  Ach bha a h-uile duine gasda agus tuigseach.  Bha dùil agam gun cuireadh iad mo sgian-dubh fo ghlas fhad’s a bha mi a-staigh ach cha do chur.  Fhuair mi air ais i agus chur mi i nam stocainn.  A’ feitheamh ri cairt tèarainteachd aig an deasca-fàilteachaidh cò chaidh seachad ach Alasdair MacCaluim, an t-Oifigear Gàidhlig.  Chur sinn fàilte air a chèile agus theich e gus am faigheadh e air obair-latha a thòiseachadh.  Bha an taisbeanadh san ionad-fàilteachaidh a’ cur nam chuimhne carson a bha an latha seo gu bhith ruideigin nas cudromaiche dhomhsa na latha sam bith eile anns am bithinn a’ tadhal air a’ Phàrlamaid.  “Seo an àite far am bi thusa nad sheasamh nuair a thig i timcheall” arsa Fiona, a bha gu bhith gar stiùireadh tron latha.  Cò i?  Cò ach a’ Bhanrigh Ealasaid fhèin.  Chaidh iarraidh orm a bhith an làthair madainn Dihaoine oir bha i airson coinneachadh ris an deichnear a chaidh a thaghadh gus a bhith anns an taisbeanadh seo – taisbeanadh a bha a’ comharrachadh 10 bliadhna de Phàrlamaid na h-Alba agus a’ toirt iomradh air deichnear de mhuinntir na h-Alba a bha air a bhith an sàs gu ìre a choireigin leis a’ Phàrlamaid anns a’ chiad deich bliadhna bhon choinnich i ann an 1999.  Tha fhios nach robh e furasta deichnear a thaghadh a-mach às na mìltean a bha an sàs leis a’ Phàrlamaid fad na h-ùine sin. Carson mise?  Bha mi air cothroman a ghabhail diofar athchuingean a chur a-steach a’ cur ìmpidh orra inbhe reachdail a thoirt don Ghàidhlig agus tuilleadh neart a thoirt dha foghlam tron Ghàidhlig. Thuaras cothrom fianais a thoirt seachad do Chomataidhean Pàrlamaideach anns a’ Ghàidhlig, rud a bha annasach aig an àm, agus bhathas den bheachd gun do chur na h-iomairtean a chaidh air adhart eadar 1999 agus 2004 na h-uidhir de chuideam air a’ Phàrlamaid agus air an Riaghaltas gus Bile Gàidhlig a thoirt air adhart a thàinig mu dheireadh gu bhith na Achd Pàrlamaid na h-Alba ann an 2005. Pàirt beag ann an iomairt mòr.

Às dèidh don Bhanrigh òraid fosglaidh na Pàrlamaid a thoirt seachad agus na cùisean oifigeil sin fhaighinn seachad, thadhal i fhèin agus Diùc Dhùn Èideann air an taisbeanadh agus bhruidhinn iad ris na bha an sàs ann.  Bha ùidh mhath aig an dithis aca anns a’ chuspair a bha mise a’ riochdachadh.  Bha iad eòlach air suidheachadh na Gàidhlig agus mar a bha a’ Ghàidhlig làidir bho thùs ann an h-Eileanan an Iar, far am biodh iad air chuairt gu math tric as t-samhradh. Bha iad eòlach air a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar a bhiodh dùil cuideachd, agus chur mi nan cuimhne gun robh e math aoigheachd a thoirt don Phrionnsa Teàrlach aig Mòd na bliadhna ’n uiridh ann an Gallaibh.  Bha e math coinneachadh riutha agus beagan ùrachaidh a thoirt dhaibh air obair leasachaidh na Gàidhlig.  

Às dèidh sin fhuair sinn cothrom am Marcachd fhaicinn taobh a-muigh an togalaich agus bha sin gu math dathte agus tlachdmhor.  Choinnich mi ri grunn bhon Ghàidhealtachd tron latha, cuid aca a’ tadhal air a’ Phàrlamaid mar “ghaisgich ionadail”.  Fhuair sinn beagan ri ithe mus do thòisich na cluicheadairean ciùil ann an diofar cheàrnaidhean den togalach fad an fheasgair- ceòl traidiseanta is clasaigeach, seinn, còisirean poileis, còmhlan ciùil bho Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, agus aig an fhìor dheireadh Còisir Ghàidhlig Lodainn le sreath de dh’òrain is phuirt Gàidhlig gus an latha inntinneach a thoirt gu crìch.  Mus d’fhuair mi dhachaigh bha mo chasan gu math sgìth!

Seisean eile den Phàrlamaid a-nis air fhosgladh agus mar a thèid a’ bhliadhna air adhart, cluinnidh sinn na criomagan gliocais a bhios aig na BPA ùra ri thoirt dhuinn. Am bi iad rèidh ri chèile?  Bidh cuid nach bi.  Ach tha aon rud fìor mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba.  Tha i faisg air an t-sluagh, tha i fosgailte na dòighean, tha i stèidhichte gu sònraichte airson Alba, agus tha e uamhasach furasta cùisean a thoirt gu aire nam BPA ann an sgrìobhadh agus gu pearsanta.  Feuch an cleachd sibh uile na cothroman sin!

Iain Macleòid