Earrabal Gàidhlig aig a’ Phàrlamaid!


Member of staff in the Public Information Service (links to Public Information Service homepage)Mar phàirt den Phlana Ghàidhlig againn, tha iomradh air Gàidhlig gu bhith a’ dol anns an “earball” aig deireadh gach post-D a thèid a chur a-mach bhon Phàrlamaid bhon latha an-diugh a-mach.

Tha an teacs seo a’ nochdadh:

Faodar pàirt a ghabhail ann am Pàrlamaid na h-Alba tron Ghàidhlig. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn sa phlana Ghàidhlig againn aig http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/planagaidhlig.htm

To engage with the Scottish Parliament in languages other than English, see our information about language assistance at http://www.scottish.parliament.uk/vli/language/lang-pol-guidance.htm.

Bidh na ceudan de phuist-D a’ tighinn a-mach bhon Phàrlamaid gach latha. Mar sin, tha sinn an dòchas gun tog seo aire luchd na Beurla mun Ghàidhlig agus gun cuir e an cuimhne nan Gàidheal gum faodar dèiligeadh ris a’ Phàrlamaid nar cànain fhèin.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk