Ceòl gu leòr aig Fèis Phoilitigs 2011


Roddy Hart

An seinneadair Roddy Hart

Chaidh clàr Fèis Phoilitigs 2011 a chur air bhog an-diugh (Dihaoine 8 Iuchar) le luchd-ciùil na lùib, nam measg Midge Ure OBE agus Roddy Hart. Airson a’ chiad turais, thèid Taigh-bìdh nam Ball sa Phàrlamaid a chleachdadh mar ionad far an dèan luchd-cluiche is luchd-ciùil sgrùdadh air ceistean poilitigeach.

Is e cuspair na fèise am-bliadhna “Ag ath-nuadachadh Poileataigs ann an linn nam meadhanan ùra”. Gabhaidh an fhèis àite eadar 20 agus 27 Lùnastal.

Faic am fios naidheachd againn.

Thèid an tionndadh Gàidhlig den phrògram fhoillseachadh Diluain.

Tha barrachd fios ri fhaighinn sa Bheurla air làrach-lìn Fhèis Phoilitigs.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk