Marcachd na Pàrlamaid – beachd bho Shìne NicIlleathain


Ceann mòr!

Calum a' Chinn Mhoir? Marcachd Pàrlamaid na h-Alba

Anns an teachdaireachd seo, tha Sìne NicIlleathain aig Comunn na Gàidhlig ag innse dhuinn mar a chaidh Marcachd na Pàrlamaid dhi an t-seachdain sa chaidh.

Fhuair mi, mi fhìn às leth Chomunn na Gàidhlig ann an Dùn Èideann air latha gu math brèagha air Dihaoine 1 Iuchar a’ gabhail pàirt anns a choiseachd a bha a’ toirt a-staigh a’ Mhìle Rìoghail aig Marcachd na Pàrlamaid.  Bha an tachartas a bha seo gu math beòthail agus dathte air a roinn a-mach ann an 4 buidhnean – Gliocas, Ceartas, Co-fhaireachdainn agus Onair agus bha Comunn an Gàidhlig ann am buidheann a ceithir – Gliocas.

Cha robh cothrom agam fhaighinn a-mach cò a bha a’ coiseachd ann am buidhnean 1 agus 2 ach air sàilleabh agus gun robh buidheann a trì dìreach air ar beulaibh agus a’ falbh bhon aon phìos dhen bhaile, rinn mi a-mach gun e clann (agus na pàrantan aca) leis a’ cho-latha breith aca air 1 Iuchar a bha cruinn còmhla.  A-nist bha seo gu math follaiseach air sàilleabh agus gun robh baidse mòr orra ag ràdh, Birthday Boy no Birthday Girl agus iad air fad a’ cumail greim air bailiùin le litir a’ dèanamh suas am facal BIRTHDAY

Air beulaibh buidheann 4 bha còmhlan Samba agus air ar cùlaibh bha còmhlan pìobaireachd, abair fuaim!  Bha mi a’ coiseachd air beulaibh a’ bhuidhinn Duais Diùc Dhùn Èideann agus sin dìreach mar a bha sgrìobhte air na lèintean polo aca.  Bhruidhinn mi ri mu shianar dè na deugairean sin a’ toirt iomradh gun robh na lèintean polo aca sgrìobhte anns a Ghàidhlig.  Na rinn na deugairean a-mach gum b’ urrain dhomh na bha sgrìobhte a’ leughadh bha iad cho toilichte agus an teas meadhan a h-uile dad bha mi a’ leughadh agus a fuaimneachadh DUAIS DIÙC DHÙN ÈIDEANN.  Chaidh am facal ‘cool’ a’ chleachdadh còmhla ri’ we can read this and we can tell everyone what it says.’

Bha mi an lùib tòrr bhuidhnean, nan lùib cuideachd bha an RNIB agus Buidhinn Òigridh dùthchail à Siorrachd Obar Dheathain, gach buidhinn le tòrr riochdairean, bha e gu math follaiseach gum bu chòir barrachd agus mi fhìn a bhith an seo a’ riochdachadh Gàidhlig, mar sin an ath thuras bithidh mi an dùil le cead agus riaghailtean a’ leantail gum bith buidhinn de dh’òigridh Gàidhlig cuideachd a’ toirt a-staigh an tachartas beothail snog a tha seo.

Ann am buidheann 4 bha nighean òg gu math dòigheil còmhla le riochdairean eile bhon Phàrlamaid a’ dhèanamh cinnteach gun robh sinn air fad ceart gu leòr agus a’ coiseachd far am bu chòir dhuinn.  Eadar an còmhlan Samba agus na bha a’ coiseachd bha ceann mòr ga ghiùlain, bha an ceann seo air a dheagh sgeadachadh agus gu math dathte, leis cho mòr agus gun robh e, b’ fheudar ceathrar a bhith ga tharainn, bha e follaiseach gun deach tòrr obair a-staigh ann a bhith a’ sgeadachadh an t-seallaidh a bha seo.

Nar lùib ann am buidheann 4 bha buidheann eile do dh’òigridh agus gach fear agus gach tè aca a’ smèideadh bratach eadar dhealaichte dhùthchail agus lean cuspair nam brathaich sìos a’ Mhìle Rìoghail agus luchd-còmhnaidh a’ smèideadh brataich a-mach na h-uinneagan aca.

Na ràinig sinn sìos gu crìoch a choiseachd bha buill Pàrlamaid agus ministearan Riaghaltais a’ coiseachd mun cuairt nar lùib, tha mise mar as trice nas eòlach a bhith gam faicinn air telebhisein, gu math inntinneach a bhith gam faicinn air mo bheulaibh agus o ach cho snog agus a bha an trusgan aig Nicola Sturgeon, na brògan agus an t-seacaid an aon dath le flùraichean anns an sgiort an aon dath cuideachd.

Fhuair sinn an uair sin an lon paisgte againn agus ’s e a bha blasta agus a h-uile dad Albannach, cuideachd bha beagan goodies anns a phoca.  Na dh’ithe mi agus na dh’òl mi na chaidh a’ thoirt dhomh chaidh mi an uair sin a-staigh dhan Phàrlamaid, tha mi air bhith anns a Phàrlamaid iomadh turas roimhe seo ach seo a chiad turas a b’ urrainn dhomh coiseachd a-staigh bhon taobh a-muigh gun stad a chur orm.  Thachair mi le Alasdair agus Mairead pàirt dhan luchd-obrach Gàidhlig anns a Phàrlamaid agus bha deagh chòmhradh againn agus mar sinn bha Gàidhlig air a’ chluinntinn le duine sam bith a bha airson èisteachd rinn.

Rinn mi an uair sin mo shlighe air ais an sìos am Mìle Rìoghail agus èisteachd le còmhlan-ciùil a bha gu sònraichte a’ cluich airson an latha.  Ràinig mi an Stèisean trèan agus rinn mi mo slighe air ais a Ghlaschu an dèidh fìor dheagh latha a chur seachad ann an Dùn Èideann. 

 Sìne NicIlleathain, Comunn na Gàidhlig

Sìne còmhla ri Mairead NicEachairne, Oifigear Foghlam, Pàrlamaid na h-Alba

Sìne còmhla ri Mairead NicEachairne, Oifigear Foghlam, Pàrlamaid na h-Alba