Fosgladh oifigeil na Pàrlamaid – gabh pàirt!


A bheil thu airson a bhith mar phàirt de latha fosglaidh na Pàrlamaid? Tha tòrr dhiofar dhòighean ann.

Faodar coimhead air beò air loidhne.

Fosgladh na Pàrlamaid beò an-diugh
Fosgladh na Pàrlamaid beò an-diugh

Bidh Holyrood Highlights a’ coimhead air agus a’ beachdachadh air fosgladh oifigeil na Pàrlamaid beò an-diugh.

Tòisichidh gnothaichean beò às an t-seòmar aig 10m agus bithear a’ craoladh beò bho Lobaidh a’ Ghàraidh bho 10.45m.

Agus ma bhios e comasach dhut a bhith aig a’ Phàrlamaid an-diugh, bidh tòrr thachartasan a’ dol air adhart saor is an asgaidh anns an fheasgair fhosgailte againn.

Ma tha thu a’ gabhail pàirt anns an latha, leig fios thugainn mar a thèid cuisean leat airson a’ bhlog. No ma tha thu ag iarraidh bruidhinn ri Oifigear Gàidhlig, fhad’s a bhios tu ann an-diugh gheibhear grèim orm air 0131 348 5395, gaidhlig@scottish.parliament.uk

Faodar gnothaichean an latha a’ leantainn air Twitter (Beurla) na Pàrlamaid cuideachd.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk