Seisean 4 a’ fosgladh gu h-oifigeil a-màireach: gabh pàirt!


‘S e latha mòr a bhios ann do Phàrlamaid na h-Alba a-màireach agus an ceathramh seisean aice a’ fosgladh gu h-oifigeil.

Bidh tòrr mòr a’ tachairt.

Thèid an seisean ùr fhosgladh sa Mhadainn nuair a bheir a’ Bhanrigh òraid seachad do BhPA is an aoighean anns an t-Seòmar.

A' Bhranrigh a' bruidhinn ri Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007

A' Bhranrigh a' bruidhinn ri Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007

Tha Filidh no Makar na h-Alba, Liz Lochhead gu bhith a’ leughadh a-mach dàn sònraichte cuideachd – “Open the Doors again”.

An dèidh seo, coinnichidh A’ Bhanrigh ri deichnear a ghabh pàirt san taisbeanadh ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ san dà bhliadhna a chaidh seachad. Is e seo taisbeanadh a tha a’ sealltainn dhuinn mar a thug fèin-riaghladh buaidh air 10 diofar daoine ann an Alba anns a’ chiad 10 bliadhna den Phàrlamaid tro bhith ag innse dhuinn an sgeulachdan.

Thèid seo a leantainn le Marcachd (Riding) – caismeachd – sìos a’ Mhìle Rìoghail. Thòisich an cleachdadh seo ann an 1639, a’ bhliadhna a chaidh Talla na Pàrlamaid a chrìochnachadh, agus chùm e a’ dol gu àm an Aonaidh.

Marcachd na Pàrlamaid, 2007

Marcachd na Pàrlamaid, 2007

Chaidh a toirt air ais le Pàrlamaid ùr ann an Alba.  A’ gluasad sìos a’ Mhìle Rìoghail gu togalach na Pàrlamaid, tha a’ Mharcachd a’ gabhail a-steach tòrr dhaoine à air feadh na h-Alba, nam measg luchd-ciùil, gaisgich ionadail a chaidh ainmeachadh le na BPA aca, agus Albannaich cliùiteach eile, a’ gabhail a-steach clann sgoile, luchd-pàrlamaideach, stiùirichean eaglaise, luchd-spòrs, buidhnean òigridh agus riochdairean bho choimhearsnachdan agus beatha shìobhalta na h-Alba.

Air an fheasgair, fosglaidh dorsan na Pàrlamaid don phobaill agus bidh ceòl den a h-uile seòrsa à Alba an latha an-diugh ri chluinntinn: dromaichean Afraganach, a’ pìob Albannach, opera, roc, còisirean agus samba am measg rudan eile.

Tha am program air fad ri fhaighinn air-loidhne.

Mar as àbhaist, bidh a’ Ghàidhlig ri faicinn agus ri cluinntinn tron latha air fad. Airson a’ chiad turais bidh ro-ràdh an Oifigear Riaghlaidh ann am prògram an latha dà-chànanach agus bidh am prògram air fad ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd.

 Bidh Iain Macleòid am measg nan deichnear a choinnicheas ris a’ Bhanrigh. Ghabh e pàirt anns an taisbeanadh Sgeulachdan Siubhlach, gus a sgeulachd innse mu na h-iomairtean aige às leth na Gàidhlig.

Iain Macleòid

Iain Macleòid

 Bidh Coisir Ghàidhlig Lodainn a’ seinn ann an Lobaidh a’ Ghàrraidh aig 16.30 cuideachd.

 Ma bhios sibh an làthair air an latha, leig fios thugainn mar a chaidh dhuibh agus cuiridh sinn suas air a’ bhog e!

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Liz Lochead

Liz Lochead agus i a' leughadh a-mach dàn Edwin Morgan"Open the Doors"