Foghlam Gàidhlig a’ gluasad air adhart sa Phàrlamaid


Dh’fhoillsich HMIe aithisg air foghlam Gàidhlig an t-seachdain seo air a bheil Foghlam Gàidhlig: A’ togail air nithean soirbheachail, a’ dèiligeadh ris na bacaidhean. Chithear aithris air an aithisg air làrach-lìn naidheachdan a’ BhBC sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Is e aithisg gu math inntinneach a tha seo anns a bheil tòrr mholaidhean airson an àm ri teachd.

Am measg rudan eile, tha an aithisg a’ toirt iomradh air briathrachas agus air speisealaichean-tadhail (visiting specialists).

A rèir an HMIe, tha e doirbh do sgoiltean speisealaichean-tadhail a lorg aig a bheil Gàidhlig agus thathar  a’ cleachdadh na Beurla ro thric uaireannan airson cuid a chuspairean a theagasg a chionn ’s nach eil an neach-teagaisg den bheachd gu bheil na faclan Gàidhlig ceart aig na sgoilearan.

Tha ùidh mhòr aig a’ Phàrlamaid anns a’ chuspair seo oir tha sgioba againn sa Phàrlamaid a tha a’ dol a-mach is a’ tadhal air sgoiltean is buidhnean foghlaim gus seiseanan a dhèanamh mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba anns a’ Ghàidhlig.

Tha sinn ag iarraidh an dà chuid an t-seirbheis as fhèarr as urrainn dhuinn a thoirt seachad do sgoiltean agus gus cur ris an àireamh de sheiseanan Gàidhlig a tha sinn a’ dèanamh.

Mar sin, chùm sinn coinneamh an-diugh gus bruidhinn mu dheidhinn na h-aithisg agus mu na tha i a’ ciallachadh airson Seirbheis Coimhearsnachd (outreach) na Pàrlamaid.

Bha sinn a’ smaoineachadh gum b’ urrainn dhuinn sgoiltean a chuideachadh a thaobh dìth nan speisealaichean-tadhail le Gàidhlig le ar seiseanan sa Ghàidhlig mun Phàrlamaid a tha dlùth cheangailte ris Churraicealam an t-Sàr-mhathais agus ri saoranachd.

Bha sinn a’ smaoineachadh cuideachd gur dòcha gum biodh e feumail ar seiseanan atharrachadh gus barrachd taic a thoirt do sgoilearan le bhith ag ionnsachadh briathrachas mun Phàrlamaid.

Tha cuideam cuideachd air taic a chumail ri Gàidhlig taobh a-muigh clasaichean oifigeil na sgoile agus mar sin, bhiomaid deònach seiseanan a dhèanamh le buidhnean sòisealta, clubaichean sgoile agus comhairlean sgoile.

Tha tòrr anns an aithisg mu bhith a’ cumail taic ri foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh agus tha sinn cuideachd a’ toirt seachad seirbheisean do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil no sa bhun-sgoil.

Bu mhath leinn cluinntinn bho sgoiltean is luchd-teagaisg air dè seòrsa seiseanan a tha iad ag iarraidh agus dè a b’ urrainn dhuinn dèanamh gus taic a chumail ri teagasg is ionnsachadh mun Phàrlamaid gus iarrtas a bhrosnachadh airson nan seiseanan againn.

A bheil beachd sam bith agad? Leig fios thugainn tron bhlog seo no cuir post-D thugainn.

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu ar seirbheis coimhearsnachd no ma tha sibh airson seisean a chur air dòigh, faic ar làrach-lìn.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Fàilte gu Eilean Rùm

Sgioba coimhearsnachd na Pàrlamaid: a' tighinn gu coimhearsnachd faisg ort ge b'e far a bheil thu!

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s