Bile Gràin-creideimh – dè do bheachd?


Tha Comataidh a’ Cheartais air a bhith a’ gabhail fianais an-dè agus an-diugh air Bile Bhile Giùlan Ionnsaigheach aig Ball-coise is Conaltraidhean Bagarrach (Alba) (Offensive Behaviour at Football and Threatening Communications (Scotland) Bill), bile Riaghaltas na h-Alba, a tha ag amas air cur an aghaidh gràin-creideimh ann an Alba.

A bharrachd air a bhith a’ gabhail fianais bhon phoileas, eaglaisean agus comainn is sgiobaidhean ball-coise, tha a’ chomataidh a’ sireadh bheachdan an t-sluaigh air a’ chuspair seo.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic am fios naidheachd air bile a’ ghràin chinnidh. Gheibhear fios mu bhith a’ cur bheachdan sgrìobhte a-staigh ann an gairm fianais (call for evidence) na Comataidh. Chan eil mòran tìde ann, ge-tà oir tha an obair cho-chomhairleachaidh a’ tighinn gu crìch Dihaoine seo mar thoradh air cho goirid sa tha clàr-ama a’ bhile.

Cairt dhearg

Rèitear le cairt dhearg

Thathar a’ cur fàilte air fianais sa Ghàidhlig.

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk