Ainmean-Àite na h-Alba


 
Tha Pàrlamaid na h-Alba na bhall den bhuidhinn nàiseanta Ainmean-Àite na h-Alba. Anns a’ phost seo, tha Manaidsear Pròiseact AÀA, Michelle Cotter ag innse dhuinn mu obair na buidhne.

Michelle CotterTha sinn tric a’ cluinntinn daoine a’ cur na ceist ‘Dè a tha an t-ainm sinn a’ ciallachadh?’

Uill, a bheil fios agad fhèin dè tha an t-ainm a th’ air an àite far an do rugadh ’s do thogadh thu a’ ciallachadh? Is dòcha gur e ainm Gàidhlig a th’ ann.

Airson daoine aig a bheil uidh ann ann ainmean-àite, tha goireas air-loidhne, an Stòr-dàta Nàiseanta de dh’Ainmean-Àite Gàidhlig; rannsaichte agus deasaichte aig Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta gus cruthan cearta is cunbhalach de dh’ainmean-àite Gàidhlig a rannsachadh airson soidhneachan, mhapaichean agus cleachdadh san fhairseangachd.

Tha AÀA air a ruith le comataidh de riochdairean bho na com-pàirtichean uile againn. Tha dithis luchd-obrach aig a’ phròiseact an-dràsta. Am measg nan com-pàirtichean tha Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, Comunn na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba, Suirbhidh Òrdanais, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Dualchas Nàdair na h-Alba, Comann Ainmean-Àite na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Chaidh AÀA a chruthachadh bho Chomataidh Ceangail nan Ainmean Gàidhlig (Gaelic Names Liaison Committee – GNLC) ann an 2006 gus coinneachadh ris an iarrtas fhasmhor a bh’ ann airson rannsachadh air ainmean-àite.  Bhon uair sin tha am pròiseact air barrachd air 3,200 ainmean Gàidhlig air feadh na h-Alba a rannsachadh, a’ gabhail a-steach rathaidean, prìomh-cheuman airson Comhairle na Gàidhealtachd agus Coimisean na Coilltearachd, Tèarmannan Nàdair Nàiseanta aig Dualchas Nàdair na h-Alba, steiseanan rèile ScotRail, stèiseanan bus agus aiseig, ainmean-sràide ann an Inbhir Nis, sa Ghearasdan agus ann an Glaschu agus ainmean Gàidhlig airson nan roinnean-pàrlamaid.

Cuide ris an obair leantainnich, tha AÀA a’ deasachadh leabhar mu ainmean Gàidhlig Ìle agus Dhiùra ann an com-pàirteachas le Dualchas Nàdair na h-Alba, le maoineachadh bho SOILLSE agus Iomairt Ghàidhlig Ìle agus Dhiùra. Bidh an leabhar ga fhoillseachadh as t-fhoghar.

Tha AÀA a’ cur an rannsachaidh aca suas air Stòr-dàta Nàiseanta de dh’Ainmean-Àite Gàidhlig, goireas air loidhne an-asgaidh a tha ri fhaighinn air www.ainmean-aite.org.  Tha barrachd air 1,200 inntrigeadh ann an-dràsta, le ceanglaichean gu mapaichean didseatach agus faidhlichean fuaim airson cuideachadh le fuaimneachadh. Le maoineachadh bho Bòrd na Gàidhlig tèarainte airson bliadhna eile, tha AÀA a’ daingneachadh gum bi iad a’ leantainn air adhart a’ leudachadh agus a’ leasachadh a’ ghoireis luachmhoir seo airson cultar agus cànan na h-Alba.

Airson barrachd fios cuir post-d/fòn gu:

(Dr.) Michelle Cotter, Project Manager ~ Manaidsear Pròiseict, Ainmean-Àite na h-Alba, Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, Isle of Skye ~ An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

+44 (0) 1471 888 120, +44 (0) 7511 541 687, mcotter@ainmean-aite.org, www.ainmean-aite.org

 Tha AÀA ri fhaighinn air: Facebook, Twitter agus MyGaelic.com  

Soidhne dà-chànanach ùr ann an Eilean Àrainn
Soidhne dà-chànanach ùr ann an Eilean Àrainn