Guthan Politigeach – latha do sgoilearan S6 sa Phàrlamaid


Bidh Pàrlamaid na h-Alba gu math trang a-maireach (Dihaoine 17 Ògmhios) agus còrr is 200 deugairean à air feadh na h-Alba gu bhith anns a’ Pàrlamaid gus an amasan poilitigeach a chur an cèill tro ealain, ceòl, dannsa is eile.

Bidh clann S6 à 31 sgoiltean aig tachartas ‘Guthan Poilitigeach’ agus bi iad a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan cruthachail – bho pheantadh-spreadhaidh balla a tha 8 troighean a dh’àirde ann an gàrradh Pàrlamaid na h-Alba le ‘ealain-sràide’ phoilitigeach gu cartùnan le luchd-dealbhachaidh sreath Tbh Dennis the Menace.

Bidh an fheadhainn òg bho gach sgoil (eadar Àrd-sgoil Fhàirr ann an Gallaibh agus Àrd-sgoil Dhail Bheithe ann an Dùn Phris) ag obair le luchd-cruthachaidh gus na h-amasan aca mu Thaigh an Ròid thairis air an ath sheisean den Phàrlamaid a riochdachadh.

Thuirt Oifigear Riaghlaildh na Pàrlamaid, Tricia Marwick:  

“Bidh e cianail fhèin inntinneach sealltainn air na beachdan is na h-amasan aig an luchd-taghaidh òg seo air an cur an cèill mar ealain.”

 

Pupils on visit to Parliament