Plana Gàidhlig na Pàrlamaid


Plana Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba

Plana Gàidhlig Pàrlamaid na h-Alba

An-diugh tha sinn gu bhith a’ coinneachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Bidh sinn a’ coinneachadh ris an Oifigear Phlanaichean Gàidhlig ùr againn, Anna Walker, agus mar phàirt de seo bidh sinn a’ tòiseachadh a’ chòmhraidh air an dàrna plana Gàidhlig againn.

Chaidh a’ chiad Plana Gàidhlig againn, Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh ann an 2008 agus feumaidh sinn plana ùr fhoillseachadh ann an 2013.

Ged nach bi an co-chomhairle oifigeil air a’ phlana Gàidhlig a’ tòiseachadh airson greis fhathast, a bheil beachd sam bith agad air na bu chòir a bhith san dàrna phlana againn?

Bu fhìor mhath leinn do bheachdan a chluinntinn.

 Alasdair

 gaidhlig@scottish.parliament.uk