Comataidhean ùra


Tha fios againn a-nis dè na comataidhean a tha gu bhith againn anns an t-seisean seo den phàrlamaid.

 Chan eil na h-ainmean no raointean ùghdarrais (remits) aig a’ mhòr-chuid de na comataidhean air atharrachadh ach tha ceithir comataidhean far a bheil ainmean is obair nan comataidhean air atharrachadh:

 Comataidh Bun-structair is Cur an seilbh Calpa (Infrastructure and Capital Investment )

Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd (Rural Affairs, Climate Change and Environment)

Comataidh Foghlam is Cultar (Education and Culture) – Bidh a’ chomataidh seo an urra ris a’ Ghàidhlig.

Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh (Local Government and Regeneration )

 Seo na comataidhean eile:

Comataidh nan Athchuingean Poblach Public Petitions
Comataidh a’ Cheartais Justice
Comataidh Co-ionnanachd Chothroman Equal Opportunities
Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd Economy, Energy and Tourism
Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh European and External Relations
Comataidh an Fho-reachdais Subordinate Legislation
Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach is Cur-an-dreuchd Poblach Standards, Procedures and Public Appointments
Comataidh an Ionmhais Finance
Comataidh Sgrùdadh Poblach Public Audit
Comataidh Slàinte is Spòrs Health and Sport

 

Seòmar comataidh:Committee room at Holyrood