Coinneamhan Comataidh air tòiseachadh


‘S e latha mòr a bh’ ann sa Phàrlamaid an-dè oir chaidh a’ chiad choinneamh comataidh de sheisean 4 a chumail.

 Choinnich Comataidh Eaconomaidh, Cumhachd is Turasachd airson a’ chiad turais an-dè agus chaidh Gabhan Brown BPA a thaghadh mar neach-gairm.

 Tha liosta de na comataidhean air fad san t-seisean seo den Phàrlamaid rim faighinn air làrach-lìn na Pàrlamaid. Tha sinn ag obair air fiosrachadh mu na comataidhean ùra sa Ghàidhlig aig an àm seo agus thèid seo a phostadh air na duilleagan Gàidhlig ann an ùine nach bi  fada.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk

Gavin Brown MSPGabhan Brown BPA