Gluasad sa Ghàidhlig


Chaidh a chiad gluasad (motion) sa Ghàidhlig den t-seisean seo a chur a-steach don Phàrlamaid an t-seachdain sa chaidh.

 Is e seo gluasad S4M-00105 a chaidh a chur a-steach le Margo NicDhòmhnaill BPA air a’ chuspair BBC ALBA air Freeview agus Càball. Chithear teacs a’ ghluasaid san Iris Ghnothaichean.

Feumar gluasadan agus ceistean pàrlamaideach a chur a-steach sa Bheurla ach faodar eadar-theangachaidhean a bhith còmhla riutha ann an   Gàidhlig no ann an cànainean eile. Tha na ficheadan de cheistean is de ghluasadan Gàidhlig air a bhith ann bho dh’fhosgail a’ Phàrlamaid ann an  1999.

Dè a th’ ann an gluasad?

Is e moladh a bhios mu choinneimh na Pàrlamaid a th’ ann an gluasad. Bidh BPA gan cur air adhart mar dòigh gus deasbad a thòiseachadh no gus gnìomh a mholadh.

Faodar gluasadan a chur a-steach airson deasbad sa Phàrlamaid mar phàirt de ghnothaichean Pàrlamaid, mar chuspair airson Gnothaichean Bhall (Members’ Business), gus reachdas a mholadh no dìreach airson taic fhaighinn don bheachd a th’ anns a’ ghluasad. Faodaidh BPA eile an taic a chur ri gluasadan a chaidh a chur a-steach le bhith gan soidhnigeadh.

Faodar atharrachaidhean a chur a-steach do ghluasadan cuideachd gus beachdan eile a chur air adhart no a dheasbad.

Agus na dìochuimhnich gu bheil BBC Alba ri fhaighinn air Freeview, sianal 8 bho 5f an-diugh a-mach, a’ toirt cothrom dhut na naidheachdan as ùire fhaighinn mu phoileataics na h-Alba air “An Là”.

Logo BhBC Alba