Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba air a taghadh


The newly-elected members of the Scottish Parliament Corporate Body, chaired by Presiding Officer Tricia Marwick MSP (centre)Chaidh buidheann chorporra Phàrlamaid na h-Alba (The Scottish Parliamentary Corporate Body – SPCB) a thaghadh an-dè.

 Is iad buill na Buidhne Corporra:

Linda Fabiani BPA
Liam MacArtair BPA
Màiri Ní Sgannláin (Scanlon) BPA
Dàibhidh Stiùbhart BPA

 Tha an t-Oifigear Riaghlaidh, Tricia Marwick BPA, anns a’ Chathair. 

 Tha an SPCB a’ dèanamh obair chudromach ann a bhith a’ ruith na Pàrlamaid bho latha gu latha.

 Bidh a’ Bhuidheann Chorporra a’ dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-obrach, na togalaichean agus na seirbheisean aig a’ Phàrlamaid a dh’fheumas i. Is e prìomhachas na Buidhne Corporra a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ ruith gu h-èifeachdach agus gun urrainn do na BPA na dleastanasan aca a choileanadh.

 Seo an aithisg oifigeil airson an taghaidh.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk