Ainmean Gàidhlig nam Ball


Tha tòrr bhall ùra againn sa Phàrlamaid. A chionn’s gum bi sinn a’ cleachdadh nan ainmean aca gu tric anns a’ Ghàidhlig anns a’ Phàrlamaid fhèin agus ann am foillseachaidhean agus anns na meadhanan, bidh seirbheis na Gàidhlig a’ cur Gàidhlig air an cuid ainmean far a bheil sin comasach.

Bidh am pròiseas seo a’ tòiseachadh ron taghadh. Cho luath sa tha na tagraichean air ainmeachadh, bidh sinn a’ cruinneachadh nan ainmean agus a’ dèanamh liosta de na tagraichean airson gach pàrtaidh.

Bidh sinn an uair sin a’ coimhead air na h-ainmean uile agus a’ cur Gàidhlig orra far an gabh sin dèanamh. Bidh sinn a’ cleachdadh leabhraichean leithid The Surnames of Scotland (Black), An Sloinnteoir Gaeilge agus an tAinmneoir agus Scottish Surnames (Dorward) gus ar cuideachadh.

Uaireannan is e obair gu math furasta a tha seo far a bheil ainm gu math Gàidhealach air an duine. Uaireannan, ge-tà, tha ainmean nas doirbhe ann – ainmean far an gabhadh tionndadh Gàidhlig a chur air sloinneadh ach far nach eil an sloinneadh sin idir cumanta agus far a bheil cunnart ann nach tuigeadh a’ mhòr-chuid de luchd na Gàidhlig e. Tha cuid de na h-ainmean à Gaeilge (Gàidhlig na h-Èireann) agus tha seo doirbh cuideachd oir ged a tha cuid a dh’ainmean gu math furasta a thuigsinn do luchd na Gàidhlig, m.e Ó Gallchoir, Ó Dochartaigh, Mac an Ultaigh is m.s.a.a, tha cuid nach eil idir cho furasta aithneachadh mar Ó Cobhthaigh. Is e ceist gu math toinnte a tha seo agus feumar a bhith subailte mun chùis.

Is e rud uamhasach fhèin pearsanta a th’ ann an ainm agus mar sin, bidh sinn a’ sgaoileadh fios do na buill uile le ar molaidhean airson cruth Gàidhlig an cuid ainmean. Faodaidh buill an uair sin innse dhuinn a bheil iad toilichte ainm Gàidhlig a bhith air a’ cur orra sa Ghàidhlig agus a bheil iad toilichte leis a’ chruth Ghàidhlig a tha sinn a’ moladh.

 Chithear ainmean nam ball uile air làrach-lìn na Pàrlamaid.

Ma tha beachd sam bith agaibh air a’ cheist seo no air rud sam bith eile co-cheangailte ris a’ Phàrlamaid, cuir fios thugainn air: gaidhlig@scottish.parliament.uk 

Alasdair

Faclair:

 Tagraiche – candidate, Tionndadh – version, Cruth – form