Dè a-nis?


 

Bhideo de thaghadh a' Phrìomh Mhinistear

Bhideo de thaghadh a' Phrìomh Mhinistear

Chaidh Ailig Salmond BPA a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear an-dè. Faodar coimhead air tar-sgrìobhadh (transcript) de seo ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid.

Tha sgioba craolaidh na Pàrlamaid air bhideo goirid a dhèanamh le earrannan às na h-òraidean a chaidh a thoirt seachad leis a’ Phrìomh Mhinistear agus leis na ceannardan pàrtaidh eile.

 Tha am Prìomh Mhinistear air a thaghadh. Dè a-nis?

Coinneachaidh a’ Phàrlamaid Diciadain sa tighinn (25/05/11) airson bhòtadh air fasdadh nam Ministearan. Cuiridh am Prìomh Mhinistear gluasad (motion) air adhart gus Ministearan agus Leas-mhinistearan Riaghaltas na h-Alba a chur an dreuchd agus bhòtaidh a’ Phàrlamaid air seo.

Bhòtaidh a’ Phàrlamaid cuideachd air ballrachd Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (The Scottish Parliament Corporate Body – SPCB), buidheann a tha a’ dèanamh obair chudromach ann a bhith a’ ruith na Pàrlamaid bho latha gu latha.

Bidh a’ Bhuidheann Chorporra a’ dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-obrach, na togalaichean agus na seirbheisean aig a’ Phàrlamaid a dh’fheumas i. Is e prìomhachas na Buidhne Corporra a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ ruith gu h-èifeachdach agus gun urrainn do na BPA na dleastanasan aca a choileanadh. Bidh barrachd fios mun Bhuidhinn Chorporra sa bhlog air an ath-sheachdain.

Thèid a’ chiad deasbad den t-seisean a chumail Diardaoin sa tighinn: Deasbad Riaghaltas na h-Alba air a’ chuspair “a’ cur Alba air adhart” (taking Scotland Forward).

Faodaidh tu faighinn a-mach dè tha gu bhith air a dheasbad anns a’ Phàrlamaid anns an Iris Ghnotaichean (Business Bulletin) againn.

 Na bi leisg fios a chur thugainn ma tha ceist no beachd sam bith agaibh.

 Alasdair

 gaidhlig@scottish.parliament.uk