Ainmean-àite ann am Pàrlamaid na h-Alba


Fàilte gu Eilean nam Muc - soidhne

Ma bhios tu a’ leanntainn poilitigs na h-Alba, is dòcha gum bi thu air mothachadh gu bheil sgìrean ùra aig Pàrlamaid na h-Alba. Rinn Coimisean Crìochan-taghaidh na h-Alba ath-sgrùdadh air crìochan nan sgìrean pàrlamaideach agus chaidh atharrachaidhean a dhèanamh airson seisean 4 den Phàrlamaid bho 2011 a-mach.

Bha feum air tionndaidhean Gàidhlig air ainmean nan sgìrean is nan roinnean airson cleachdadh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus ann an àiteachan eile mar na meadhanan agus ann an obair eadar-theangachaidh.

Fhuair sinn cuideachd leis an obair seo bho– Ainmean-àite na h-Alba (AÀA) – a’ bhuidheann chomhairleachaidh nàiseanta air ainmean-àite Gàidhlig.  Is e amas na buidhne cruthan ceart de dh’ainmean-àite Ghàidhlig a stèidheachadh airson mhapaichean, shoidhnichean is eile. Tha seirbheis Ghàidhlig na Pàrlamaid air a rìochdachadh air a’ bhuidhinn.

Rinn an luchd-obrach aig AÀA obair chruaidh ionmholta gus Gàidhlig a chur air gach sgìre-taghaidh ann an deagh àm airson an taghaidh.

 Tha stòr-dàta air-loidhne aig AÀA le ainmean Gàidhlig. Mur a h-eil an t-ainm a tha thu ag iarraidh ri fhaighinn ann, faodar a chur gu AÀA airson eadar-theangachadh. Bidh sinn fhèin a’ cur feum air an t-seirbheis seo gu tric oir bidh sinn a’ cleachdadh tòrr ainmean-àite  sa Phàrlamaid nuair a tha àiteachan air an deabad ann an gnothaichean na Pàrlamaid, ma tha comataidh na Pàrlamaid a’ coinneachadh taobh a-muigh Dhùn Èideann no ma tha sgoil à tighinn an seo, mar eisimpleir agus sinn a’ lorg ainm a’ bhaile sa Ghàidhlig. 

Bidh Michelle Cotter, Manaidseir Pròiseict aig AÀA a’ sgrìobhadh rudeigin dhuinn air a’ bhlog seo ann an ùine nach bi fada.  

Chithear ainmean nan sgìrean is nan roinnean air làrach-lìn na Pàrlamaid.

 Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk