Taghadh Prìomh Mhinistear na h-Alba


 Thèid Prìomh Mhinistear na h-Alba a thaghadh leis a’ Phàrlamaid an-diugh. (18 Cèitean 2011). Thathar an dùil gun tòisich seo aig 10m.

 Às dèidh don Phàrlamaid bhòtadh air a’ chùis, cuiridh an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA moladh chun na Banrigh gun tèid am Prìomh Mhinistear a chur san dreuchd.

 Thèid toraidhean a’ bhòt fhoillseachadh an seo cho luath sa bhios iad againn.

 Faodar coimhead air an taghadh beò air TBh Taigh an Ròid.

 Airson barrachd fiosrachaidh mun phròiseas taghaidh, faic ar fios naidheachd.

Aig coinneamh eile den Phàrlamaid, cuiridh am Prìomh Mhinistear gluasad air adhart ag iarraidh air a’ Phàrlamaid aontachadh ri Ministearan agus Fo-mhinistearan an cur an dreuchd.

Tha Ministearan ann an Riaghaltas na h-Alba air an cur nan dreuchd leis a’ Phrìomh Mhinistear le aonta bhon Bhanrìgh.         

Mus iarr e an cead sin, feumaidh am Prìomh Mhinistear cead na Pàrlamaid fhaighinn.

 Alasdair

 gaidhlig@scottish.parliament.uk