Gaisgich gan sireadh leis a’ Phàrlamaid


The Parliament's Mace with the insignia "Wisdom, Justice, Compassion and Integrity". Photo: Andrew Cowan / Scottish Parliament

Tha na 129 buill de Phàrlamaid na h-Alba a’ sireadh gaisgich ionadail air feadh na h-Alba.

Bidh Buill ag ainmeachadh gaisgich às an sgìre no an roinn aca fhèin mar chomharrachadh air a’ bhuaidh a thug iad air daoine eile a’ fuireach ann an Alba gu h-ionadail no nas fhaide air falbh.

Bidh na gaisgich ionadail an sàs anns a’ chaismeachd sìos Mìle Rìoghail Dhùn Èideann, a bhios mar phàirt de chùisean an latha Dihaoine 1 Iuchar mar chomharrachadh air fosgladh seisean a ceithir de Phàrlamaid na h-Alba.

Thèid a’ chaismeachd a chruthachadh gus beachdan Lorg-shuaicheantais (mace) na Pàrlamaid a nochdadh: Gliocas, Ceartas, Bàidh agus Ionracas (wisdom, justice, compassion & integrity) a’ riochdachadh amasan muinntir na h-Alba mu Bhuill na Pàrlamaid aca.

Mar phàirt den chaismeachd, coisichidh na gaisgich còmhla ri 1,500 de dh’Albannaich a’ gabhail a-steach clann-sgoile, luchd-pàrlamaid, luchd-stiùiridh creideimh agus aoighean eile bhon t-saoghal phoblach.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh san fhios naidheachd mu fhosgladh na Pàrlamaid.

Alasdair

gaidhlig@scottish.parliament.uk