Biùro na Pàrlamaid air ainmeachadh


Chaidh ballrachd Biùro na Pàrlamaid ainmeachadh an-diugh.

 Is iad buill a’ Bhiùro:

 Tricia Marwick BPA (An t-Oifigear Riaghlaidh) – cathraiche, Brùs Crawford BPA, Pòl Màrtainn BPA; Dàibhidh MacIllEidich BPA, Alison NicAonghais BPA.

 Is e buidheann aig cridhe obair na Pàrlamaid a th’ anns a’ Bhiùro. Is e a’ phrìomh obair a th’ aige a bhith a’ moladh dè a bhios air clàr-gnothaich na Pàrlamaid agus a bhith a’ moladh dè na comataidhean a bhios ann, dè an raon-ùghdarrais a bhios aca agus cò na buill a bhios orra.

 Gheibhear barrachd fios mun Bhiùro air duilleagan Biùro na Pàrlamaid air ar làrach-lìn.