Pàrlamaid ioma-chànanach!


‘S e latha gu math ioma-chànanach a bh’ ann an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba oir chaidh a’ bhòid/daingneachadh (oath/affirmation) a gabhail ann an còig cànanan uile gu lèir.

 A bharrachd air a bhith a’ gabhail nam bòidean/daingneachaidhean sa Bheurla mar a tha riatanach, rinn cuid de na buill e ann an Gàidhlig, Scots, Eadailtis agus Urdu cuideachd.

 Seo na cànainean uile a chleachd Buill:

 Gàidhlig

Dr Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) (SNP), Iain Ó Finnaí (A’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan) (SNP), Rob Gibson (Gallaibh, Cataibh agus Ros) (SNP), Dàibhidh MacThòmais (An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach) (SNP), Mìcheal Ruiseal (Earra-Ghàidheal is Bòd) (SNP)

John Finnie MSP

Iain Ó Finnaí BPA

 Scots (cuid ann an dualchainnt Doraig na Scots)

 Marc MacDhòmhnaill (Ear-thuath na h-Alba) (SNP), Dàibhidh MacThòmais (An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach) (SNP), Mìcheal Ruiseal (Earra-Ghàidheal is Bòd) (SNP), Caoimhin Stiùbhart (Obar Dheathain Meadhain) (SNP), Maureen Watt (Obar Dheathain a Deas agus Ceann Chàrdainn) (SNP)

 Urdu

Humza Yousaf (Glaschu) (SNP)

 Eadailtis

Marco Biagi (Dùn Èideann Meadhain) (SNP)

 A bharrachd air seo, chaidh beagan Arabais a chluinntinn cuideachd oir rinn Hanzala Malik (Glaschu) (Làb) ùrnaigh goirid ann an Arabais.

Hanzala Malik BPA

Hanzala Malik BPA

 Sia cànanan ann an aon latha!

 Chithear an teacs airson an t-seisein seo air fad anns an aithisg oifigeil.

 Alasdair

 gaidhlig@scottish.parliament.uk