Fàilte gu blog ùr is seisean Pàrlamaid ùr


Fàilte gu blog Pàrlamaid na h-Alba far am faigh thu naidheachd is fiosrachadh mu Phàrlamaid na h-Alba. 

 Fàilte cuideachd don cheathramh seisean den Phàrlamaid.

Is e seachdain mhòr a bh’ ann an t-seachdain sa chaidh agus na taghaidhean Albannach air an cumail. Tha Pàrlamaid ùr againn a-nis anns a bheil 69 ball aig an SNP, 37 aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, 15 aig Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba, 5 aig Libearalaich Dheamocratach na h-Alba, 2 aig Pàrtaidh Uaine na h-Alba agus aon neo-eisimeileach (Margo Dhòmhnallach BPA). Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na Buill ùra air duilleag nam ball air ar làraich-lìn.

Is e seachdain gu math sònraichte is trang don Phàrlamaid a th’ ann an t-seachdain seo cuideachd.

A-raoir chaidh seirbheis shònraichte a chumail ann an Eaglais St Giles – the Kirking of the Parliament. An làthair bha na BPA air an ùr taghadh, riochdairean à diofar chreideamhan agus aoighean eile.

An-diugh, thèid a chiad choinneamh den t-seisean ùr a chumail. Aig a’ choinneimh seo, gabhaidh na Buill ùra na bòidean dilseachd no daingneachaidean sòlaimte aca (oaths of allegiance, solemn affirmations). Fo Achd na h-Alba, a stèidhich Pàrlamaid na h-Alba, feumaidh gach ball a’ bhòid seo a ghabhail airson a bhith ceadaichte pàirt a ghabhail ann an gnothaichean pàrlamaideach.

Leugh am fios naidheachd mu ghabhail nam bòidean.

Is e latha cudromach eile a bhios ann a-màireach cuideachd oir thèid Oifigear Riaghlaidh is leas-Oifigearan Riaghlaidh a thaghadh.

Leugh am fios naidheachd mu thaghadh nan Oifigearan Riaghlaidh

Ma tha beachd sam bith agaibh air a’ bhog seo uair sam bith, na bi leisg fios a chur thugainn air gaidhlig@scottish.parliament.uk

Alasdair